Tha caolas eadar mi 's Iain 	
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Tha caolas eadar mi 's Iain 	
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Cha chaol a th' ann ach Cuan domhain 	
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Cha chaol a th' ann ach Cuan domhain
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
'S truagh nach tràghadh e bho latha 
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
'S truagh nach tràghadh e bho latha
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
'S nach biodh ann ach loch neo abhainn
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
'S nach biodh ann ach loch neo abhainn 	
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Feuch a faighinn-sa dhol tarsainn
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Feuch a faighinn-sa dhol tarsainn
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Far a bheil mo leannan falaich 	
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Far a bheil mo leannan falaich 	
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Thèid sinn a-nisd far 'eil m' athair
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Thèid sinn a-nisd far 'eil m' athair 
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
'S na bheil beò do luchd mo sheanar
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
'S na bheil beò do luchd mo sheanar 
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Innsidh sinn dhaibh mar a thachair
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Innsidh sinn dhaibh mar a thachair
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Tha sinn a-nisd mar is math leinn 
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Tha sinn a-nisd mar is math leinn
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho 	
 	 
Air ar pòsadh aig an altair 	
Hao ri iu a, hao ri e ho 	
Air ar pòsadh aig an altair 	
O hao ri ri, hi ho ro na 	
Hi hoireanno, hao ri e ho